Czytaj tylko na LitRes

Książki nie można pobrać jako pliku, ale można ją czytać w naszej aplikacji lub online na stronie.

Czytaj książkę: «Gearr-sgeoil air Sir Seoras Uilleam Ros»

Czcionka:

FACAL TOISEACHAIDH

IS toigh le sluagh la-an-diugh a bhith leughadh eachdraidh-beatha dhaoine ainmeil: tha e iomchuidh gu'm bitheadh na Gaidheil cuimhneachail air diùlanaich an cinnidh fein, agus tha e 'na aobhar bròin cho beag 's a chaidh chur a'n clò mu Ghaidheil iomraiteach Chanada, am measg an robh daoine cliùiteach a choisinn moladh an co-dhuthchaich.

Bho thoiseach àiteachaidh Chanada bha na Gaidheil am follais. Bha iad ann an armailt Wolfe aig Louisburg agus aig Quebec far an do thionndaidh iad an latha. An deidh na sìthe fhuair iad obair eile ri dheanamh. Thog iad fearann, chaidh iad a stigh gu doimhneachd na coille a bhuinnig dhachaidhean dhaibh fein. Shoirbhich leo is dh' fhàs iad lionmhor: anns gach gairm is gniomh bha iad deas; leòsan shocraicheadh seol-riaghlaidh agus móran de laghanan bunabhasach na tìre. Bhitheadh e chum toil-inntinn an gineil – dh'fhaoidte chum an leas – na 'm bitheadh iomradh orra air a ghleidheadh leinne.

'S i 'n smuain so a mhàin ceann-fàth an sgeoil ghoirid so mu Ghaidheal Chanadach nach d'rinn dearmad riamh air Tìr nam Beann.

SIR SEORAS ROS

I

SAN t-seann aimsir b'abhaist do na Gaidheil caoidh mór a dhèanamh mu bhàs ceann-cinnidh, no neach eile air an robh mór spéis. B' e dleasanas a' phiobaire an coronach a thogail ri toirm na pioba; dleasanas a' bhàird cliù an laoich a chur air fonn nan dàn. B' i so an duais a b' àirde ris an robh dùil aig na flaithean Gaidhealach 's an t-saoghal so, maraon duais nam marbh agus misneachadh nam beo; oir cha robh àrd no iosal gun deidh air deagh bheachd a ghinealaich fein, agus air àite urramach fhaotainn ann an eachdraidh bhuan a dhuthcha.

Tha bàrdachd Oisein luchdaichte le trom thùrsa airson nam marbh gaisgeil a chuir deagh chomhraig 's a thuit 's a bhlàr: —

 
'Charuill, tog do ghuth gu h-àrd
Air gach linn a bh' ann nach beò;
Caithear oidhche ann am mìn dhàn;
Faighear gàirdeachas 's a' bhròn.
'S iomadh saoi is òigh 'bu chaoin
'Ghluais o thùs a'n Innis-fàil.
Is taitneach dàin air na laoich
O thaobh Alba nam fuaim àrd.
'N uair a dh' aomas farum na seilg[Pg 6]
Fo ghuth Oisein nan caomh-rann,
'S a fhreagras aonach an deirg
Sruth Chòna nan toirm mall.
 
– Fionn. D. I. 565.

Agus, a rithis, mar tha e ag imeachd le ceum stàideil na h-aoise: —

 
A ghutha Chòna, 's àirde fuaim,
A bhàrda tha luaidh mu aois,
Do'n eirich air 'ur n-anam suas,
Feachdan mór' nan gorm chruaidh laoch.
'S taitneach leam aoibhneas a' bhròin,
Fo 'n lùb geug dharaig nan tòrr,
'S an duileach òg ag eirigh maoth,
Togaibh-se, mo bhàird, am fonn.
 

Cha 'n fheil carrachan-cuimhne a's brèagha no a's maireannaiche na iadsan a dheilbheadh leis na bàird mhóra, – Alasdair Mac-Mhaighstir Alasdair, Dunncha Bàn Mac-an-t-saoir, Iain Lom, Iain MacCodrum, agus Iain Moireastan, Gobha na Hearradh, mar air Domhnullach na Tòiseachd: —

 
Bha do phearsa 's do ghluasad,
Co tlachdmhor, neò-thuairgneach, is tlàth,
Chor 's gur tearc iad thug fuath dhuit,
Ged bu lionmhor bha fuaidht' riut a'n gràdh;
Aig na h-ìslean 's na h-uaislean,
Bha spéis dhuit, ged b' uaibhreach dhiubh pàirt,
Ni dh' fhag t-iomradh g' a luaidh ac',
Mar sgeul bròin o'n là chual iad do bhàs.
 
II

CHA 'n fheil e 'n am chomas cliù Shir Seorais Rois a chur an céill air an doigh so, ann an duan no òran, ach, mar sheanachaidh feuchaidh mi ri clach a chur 'n a chàrn.

B' e athair, Seumas Ros, a mhuinntir Inbhir-feotharain, a'n Siorramachd Rois. Mar a dh'fhàs e suas chaidh e gu sgìre Eadardain, air taobh an ear-thuath de'n t-siorramachd. Bha e 'n a bhall measail de chomhthional Mhr. Chamshroin, agus tha ainm fathasd air chuimhne am measg nan seann daoine. Agus b'i mhàthair Eilidh Nic-Fhionnghain, a bhuineadh do theaghlach a chaidh o Inbhirnis gu taobh tuath fadhlach Chrombaigh, a 'n Siorramachd Rois. Bha deagh chliù oirre 's a' choimhearsnachd, agus mar a fear-posda fhuair i mór spéis bho càirdean 's an t-seann dùthaich. Bha chàraid so de fhuil ghlan Ghaidhealach fad iomadh ginealach; bha iad ni b'eolaiche air an teangaidh Ghaidhlig na bha iad air a' Bheurla Shasunnach, agus b' abhaist do Shir Seoras, am mac, uaill a dheanamh gu'n d'fhuair e cànain agus smior a shinnseara gun smal gun ghiamh orra.

Mar a rinn móran Ghaidheal eile 's an am, thriall Seumas Ros agus a bhean gu Canada, "tir a' gheallaidh" an la ud mar an diugh. Ach tha atharrachadh mór eadar suidheachadh Chanada an diugh, 's an dé. Tha e furasda do'n eilthireach a shlighe a dheanamh an diugh gu Canada an coimeas ris an turus cheudna a ghabh Seumas Ros mu thri fichead bliadhna 's a dha dheug roimhe so. An diugh foghnaidh da sheachdain air muir, is aon seachdain air tìr ge b'e cho fada 's a tha aig neach ri dhol. An sin ghabhadh e sè no seachd seachdain air cuan agus seachdain no'n còrr air loch is abhainn, a bharrachd air an ùine thar ròidean garbh-thollach tulganach, neo-shocaireach tre'n fhàsach, air am bitheadh e fein, a theaghlach, 's a chuid de'n t-saoghal air an tarruing air slaod-dhaimh gun dad a chabhaig.

Thog an Rosach fearann ann am Middlesex aig Naruinn, àite a bha air ainmeachadh air Inbhir-Naruinn anns a' Ghaidhealtachd. Thuinich comhlan math de mhuinntir Rois 's an aite so, daoine sùghail, còir, coguiseach, nach d'fhàg as an deidh air taobh thall a chuain, cràbhachd an athraichean. Anns an tìr so chum iad "gu daingean samhladh firinneach nam briathran fallain a chuala" iad 'n an oige, agus cho luath 's a b'urrainn daibh thog iad, ann am frìthean domhail Ontario, Béteil dhaibh fein, anns an robh teagasgan móra a' Bhiobuill air an cuir an céill gu soilleir, soisgeullach, a réir bheachd "Athraichean Rois," mar ann an leabhar an Doctair Cheannaidich, Urramaich, nach maireann. Bha ministearan tearc, oir bha 'n sluagh sgapta 'n am badanan beaga thall 'sa bhos thar mór astar, ach bha na daoine, mar a b' fhearr a b' urrainn daibh, "a' cumail am mach facail na beatha"; bha frasan o'n àirde ag ùrachadh an fhuinn, agus a'n deagh àm thainig toradh trom am mach.

Ach cha d' fhàg na daoine so an cruaidh-fhortan 's am bochdainn 'n an deidh 's a' Ghaidhealtachd. Bha eiginn agus uireasbhuidh a' feitheamh orra a' n so, agus b' iomadh strith a bh' aca ri dheanamh a chumail an cinn os cionn na h-an-shocair. Dh'fhàg iad fearann cumhang, sluaghmhor; thainig iad gu fearann farsuing, beag-shluaghach. 'S an t-sean aite bha 'n daimhich 's an càirdean fein aca. Ged bhitheadh an lòn air uairibh gann, gaoth an ear-thuath air uairibh greannach, cruaidh, bha'm fàrdach blàth le bàidh do chach a cheile. 'S an tir ùr bha lòn ri chosnadh le neart ghairdein agus spionnadh cridhe a thug cruaidh-dheuchainn air an neach a b'fhearr dhiubh. Cha d' thainig iad o an-shocair gu socair, ach gu duthaich, gealltanach mar bha i, a bha doirbh ri h-àiteachadh.

'S lionmhor rann a chaidh dheanamh mu chor nan Gaidheal a bha'm measg ceud luchd-àiteachaidh Chanada. Tha na rannan a leanas o'n bhàrd Mac-Gillean, Mherigomish, 'dol direach gu cridhe na cùise, 'n a dhoigh gheur-bhriathrach fein. Ged rinneadh iad air Nova Scotia tha iad fior mu sheann Ontario, mar an ceudna: —

 
'S i so an dùthaich 's a bheil an cruadal
Gun fhios do'n t-sluagh a tha tigh'nn a nall,
Gur h-olc a fhuaras oirnn luchd a' bhuairidh
A rinn le'n tuairisgeul ar toirt ann.
Ma ni iad buannachd cha mhair i buan dhaibh,
Cha dean i suas iad 's cha'n ioghnadh leam,
'S gach mallachd truaghain a bhios'g an ruagadh
Bho'n chaidh am fuadach a chur fo'n ceann.
 
***
 
'N uair thig an geamhradh is àm na dùbhlachd
Bidh sneachda 'dlùthadh ri cùl nan geug,
'S gu domhain dùmhail dol thar na glùine,
'S ge maith an triùbhsair cha dean i feum,
Gun stocain dhùbailt' 's a' mhocais chlùdaich
'Bhith's air a dùnadh gu dlùth le éill;
B'e 'm fasan ùr dhuinn a cosg le fionntach
Mar chaidh a rùsgadh de'n bhrùid an dé.
 
 
Mar bi mi eòlach airson mo chómhdaich
Gu'm faigh mi reòta mo shròn 's mo bheul;
Le gaoth a tuath a bhith's neamhail fuaraidh
Gu'm bi mo chluasan an cunnart geur.
Tha'n reothadh fuath'sach, cha seas an taugh ris,
Gu'm mill e chruaidh ged a bha i geur;
Mur toir mi blàths d'i, gu'm brist an stailinn,
'S gun dol do'n cheardaich cha ghearr i beum.
 
 
'N uair thig an samhradh 's a miosa céitean
Bidh teas na gréine 'g am fhagail fann;
Gu'n cuir i spéirid 's a h-uile creutair
A bhith's fo éislean air feadh nan toll:
Na mathain bhéisteil gu'n dean iad eirigh
'Dhol feadh an treud 's gur-a mór an call;
'S a chuileag inneach gu socach puinsionta
'G am lot gu lionmhor le roinn a lainn.
 
 
Gu'n dean i m' aodann gu h-olc a chaobadh
Cha'n fhaic mi 'n saoghal 's ann 'bhith's mi dall,
Gu'n at mo shuilean le neart a cungaidh
Ro-ghuineach drùidhteach tha sùgh a teang.'
Cha'n fhaigh mi aireamh dhuibh ann an dànachd,
Gach beathach gràineil a thogas ceann,
'S cho liugha plaigh ann a 's a bh'air righ Pharaoh
Airson nan tràillean 'n uair bhàth e'n camp.
 
***

Ma bha 'choille fiadhaich, fuachd a gheamhraidh is teas an t-samhraidh, dian-chruaidh, na cuileagan, nimheil, na fiadh-bheathaichean, lionmhor, na ròidean, garbh, 's am fearann 'n a dhithreabh doirbh "As nach tugadh an Fhéinn iad féin aran," bha cridheachan nan daoine teoma, laidir, 's cha robh gealtair 'n am measg. Mar bu chruaidhe an gnothuch b'ann bu chalma am misneach, 's cha b' fhada gus an d'thug iad buaidh.

Thainig Seumas Ros, agus na bha leis, 's a' bhliadhna 1832. Bhuineadh am fearann a thog iad do'n Chuideachd Chanadach agus b' i phrìs da dholair an acair. Bha 'n talamh gu leir air a chomhdach le coille mhoir, dhùmhail dhrislich. Bha craobhan de iomadh seorsa ann, – bha 'n giuthas pailt, darach, beith, uinnseann, seudar, walnut, maple, agus móran eile freagarrach airson thaighean agus oibre ghnathaichte na saorsainneachd. Dh' fhosgail a' Chuideachd Chanadach aon rathad troimh 'n sgìre; b'e sin uile na rinn iad. Bha muilean-sabhaidh aig fear-ionad na Cuideachd, d'am b' ainm Domhnull Mac-an-Toisich, faisg air laimh, ach cha robh goireas eile 's a choimhearsnachd. B' e cheud ni a bha ri dheanamh taighean a thogail airson fasgaidh nan teaghlaichean, – mar theirte riutha Shantaidhean de logaichean – bothain de fhiodh garbh air a mheadhadh leis an tuaigh.

Ged bu taighean beaga, fiodha bh'annta cha bu taighean suarach iad; bha iad air an deagh thogail, goireasach agus dionach ri gaillionn a' gheamhraidh. Dh' fheumadh neach a bhith làmh-ghleusta, eòlach air gnàths na tuaighe, an uird, an tàil, 's an tora; agus, mar an ceudna ceann seadhail a bhi air a mhuineal mu 'n rachadh aige air taigh logaichean a thogail gu ceart.

 
Gu'n do dh' aithnich mi o'n uair sin
Gu'm bu chruadalach a chuis dhomh
Teannadh ri reiteach na coille
'S gun mi goireasach g'a ionnsaidh.
'M fear nach dean obair le tuaigh
Is nach urrainn an uaisle 'ghiùlan
B' fheàrr dha fuireach ann an Albainn;
'S gun an fhairge gharbh a stiùireadh.
 
– Mac-Gillean.
III

CHA robh aoidheachd bhlàth a' feitheamh air na Rosaich an uair a rainig iad an dachaidhean ùr ann an Ontario, oir cha robh neach sam bith aig ceann an uidhe a thoirt aoidheachd dhaibh. Bha 'n tìr falamh, fàs, ann an staid naduir, gun chraobh air a leagadh, gun taigh air a thogail: bha'n talamh, gun teagamh, reamhar, trom, ach bha i air a tur-chomhdach le coille gharbh a dh'fheumta chur deth bonn. B'e cleachdadh nan Gaidheal ann an Canada, gach coibhneas a' nochdadh d'an luchd-duthcha a bhitheadh a tighinn d'an ionnsuidh. Bha iad lamh-fhosgailte, fialaidh d'an co-chreutairean, gu h-àraidh d'am muinntir fein. Mar bu tric bhitheadh fios aca mios no dha roimh laimh gu'n robh seana choimhearsnaich a' tighinn, agus dheantadh ullachadh air an son. Aig an am cheart rachadh neach eòlach g'an coinneachadh air an t-slighe, chum an treòrachadh gu baile, far am bitheadh cairtealan deas air an son am measg nan càirdean. Gheibheadh iad fàilteachadh cridheil, coibhneil, agus an deidh la no dha 'dhol seachad a'leagail dhiubh sgios an turuis, rachadh fearann freagarrach a thogail air an son. Air dha so bhi deanta thòisicheadh an obair gun dàil; agus b'i sin an obair!

B'e cheud ni àite a thaghadh airson taigh-comhnuidh agus treabhair, faisg air am bitheadh uisge math airson duine is ainmhidh. Bu tric so air bruaich sruthain far an cluinnte torman caoin an uisge, no air bràigh tomain seasgair, a ghlacadh araon deò ùrail an t-samhraidh agus gaoth ghrianach an fhogharaidh. Ach air iomadh baile-fearainn cha robh idir sruth no tom, loch no bealach; bha mhórchuid 'na mhachair chomhnaird fad mhìltean air gach taobh. Air tìr de'n t-seòrsa so dh' fheumta tobar a chladhach fada fodha 's an talamh, agus ri thaobh rachadh na taighean a chur suas. Air do'n bhaile agus làrach nan taighean a bhith air an taghadh, chruinnicheadh na coimhearsnaich gus an togail. Bhitheadh obair ann daibh uile. Bhitheadh na craobhan ri ghearradh sios chum làraich a dheanamh do'n taigh, oir b' ann 's a' choille a bha 'n gniomh ri dheanamh. Dh' fheumadh an làrach a bhith cho farsuing 's nach tuiteadh craobh 's am bith a leagadh stoirm air an taigh. Rachadh, a'n sin, làrach an taighe a thomhas, agus a reiteachadh, agus ùrlar comhnard, reidh a dheanamh airson nan seòmar. Mur bu tric bhitheadh na taighean de'n aon mheud is dealbh; far am bitheadh teaghlach mór, bhitheadh seòmar no dha a bharrachd air an cuir ris an taigh, ach am bitheantas 's i bhitheadh ann fardach de tri no ceithir a sheòmraichean, mu dheich throidhean fichead air a fad, agus mu fhichead troidh air a leud. Anns a' chuid bu mhotha dhiubh bhitheadh lobhta air am bitheadh àite-laidhe òganaich an teaghlaich, agus, ri cliathaich an taighe bu dual do sheòmar cùil no dha a bhi ann airson nan nighean. Fo'n ùrlar bhitheadh seilear air a cladhach, anns am bitheadh measan, luibhean-gàraidh, biadh is annlann air an dion bho theas 's bho fhuachd na h-aimsir. B'ann car mar sin bha cumadh nan taighean-comhnuidh a bha nis gu bhith air an togail. Bha 'n sgil bu mhotha feumail airson oisinnean an taighe agus bhitheadh ceathrar dhaoine tapaidh a' frithealadh do'n ghnothuch sin. Bhitheadh na craobhan bu fhreagarraiche air an gearradh sios 's air an slaodadh le daimh gus an làrach. Bhitheadh iad a'n sin air an leagail sios 's an àite cheart, a' cheud shreath air bunchar cloich, agus chuireadh na h-oisinnich a'n eagan a cheile iad, g'am fiaclachadh gu gramail, eagnaidh, mar bu chòir. Ged nach robh inneal saorsainneachd aig na daoine ach an tuagh, bhiodh oisinnean agus ursainnean an doruis is nan uinneag air an gearradh cho glan, 's air an suidheachadh cho coimhlionta 's ged bu chlachan snaighte de'm bitheadh iad air an deanamh. Mar a rachadh na ballachan suas bhitheadh sogan air na daoine, oir bu taitneach an ni a bhith faicinn na h-aitreibh ag éiridh gu h-eireachdail fo'n laimh. Sreath air sreath, craobh air a sìneadh air craoibh, rachadh na ballachan suas gu àirde ochd no naoidh troidh, agus, a' n sin, thoisichte air am mullach a thoirt a steach. Cha b' ionnan mullaich nan taighean so agus mullaich nan seann taighean beaga Gaidhealach. A'n so cha robh maidean-ceangail móra, maide-droma, sparran-tarsuing, sailthean taobhanach, cabair, ceannabhaidhean, no maide-feannaig. Agus cha robh am mullach, biorach, àrd, no cas, mar 's an t-seann dùthaich, ach, an cumantas, car plod, iosal; gun ach beagan claonadh bho'n druim-àrd gu bràigh a' bhalla. Bhitheadh am mullach air a thoirt a steach, le bhith cur craoibh air na tulchainnean, 's air na taobhan, uair mu seach gus an tigeadh an da thaobh, uidh air an uidh, ri chéile, 's a'n sin bhitheadh am mullach deas airson an tughaidh. Cha b'ann de sgrath, no fraoch, no fodar a bhitheadh an tughadh, ach mar bu tric de rùsg chraobhan móra, mar am beith no'm basswood. Bu ghnàth leò an rùsg a ghearradh a'm bloidhean gach aon mu cheithir troidhean air fad, agus bho throidh gu ochd oirlich deug air leud. Rachadh an tairngneadh ris na taobh-shailthean, car coltach ris mar a chuirear sgliatan suas, oir na h-aoin a' tighinn dha na thri oirlich thairis air oir na h-aoin eile. Bha so a' toirt an deagh thughadh dhaibh, dìonach agus blàth agus buan. Bhitheadh an teintean aig ceann an taighe. Bho lic gu mullach bhitheadh an similear air a dheagh chreadhadh, agus b' ainneamh an aon anns nach bitheadh tarruing mhath air a' cheò. A réir a chomais chuireadh neach ùrlar fiodh, leachdan, no creadh, 'n a thaigh, an toiseach, ach cia air bith mar thòisichte, cha b'fhada gus am bitheadh an fhardach seasgair, goireaseach.